Deich cùisean de Chovid-19 a-nis am Barraigh
- Air fhoillseachadh

Chaidh seachd cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh co-cheangailte ri sgaoileadh den bhìoras ann am Barraigh.
Tha a-nise deich cùisean ann uile gu lèir anns an sgaoileadh.
A bharrachd air sin, dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar oidhche Chiadain gun deach cùis ùr den bhìoras a dhearbhadh ann am Beinn nam Fadhla.
Thuirt iad gu bheil a' chùis sin co-cheangailte ri cùis eile a dhearbh iad roimhe.
Deuchainnean
Tha am bòrd-slàinte ag ràdh gu bheil Deuchainn is Dìon air tòiseachadh feuch lorg fhaighinn air daoine a bha faisg air feadhainn air a bheil am bhìoras.
Thuirt àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, gun tèid grunn dheuchainnean ùra a dhèanamh Diardaoin.
Dh'innis e gu bheil an suidheachadh ag atharrachadh gu luath is dh'iarr e a-rithist air muinntir Bharraigh gun a bhith a' measgachadh ri dachaighean eile.
Gu dearbh, thuirt Mgr Jamieson nach bu chòir do dhaoine ann am Barraigh a bhith a' fàgail an taighean idir mur a h-eil e gu tur deatamach.
Uallach
A' bruidhinn air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal Diardaoin, thuirt an comhairliche Bharrach, Dòmhnall Manford, gu bheil uallach mòr air gu bheil an àireamh de chùisean ag èirigh.
"'S e àireamh mhòr de dhaoine a th' ann anns an t-sluagh a th' air an eilean agus tha mise - tha is a h-uile duine - a' toirt taic dhan chomhairle a tha air a dhol a-mach: fuireach aig dachaigh, fuireach aig dachaigh cho mòr agus as urramaid dhan fheadhainn nach fheum a dhol a-mach", thuirt an Comh. Manford.
Dh'innis e cuideachd nach eil e gu diofar dè an ìre anns a bheil Barraigh ann an riaghailtean Covid-19, is gu bheil dleasdanas air na daoine fhèin smachd a chur air an t-suidheachadh.
"Gu brith gu dè an suidheachadh anns a bheil sinne anns an tier sin, tha uallach oirnn fhin, mar a tha air a h-uile duine, uiread agus as urrainn dhuinn a dhèanamh.
"Cha ruig sinn a leas a bhith a' feitheamh airson lagh a chur oirnn a dhèanamh. Tha e comasach dhuinn fhèin a dhèanamh.
"Far an urrainn dhuinn sin a dhèanamh - a' chuid mhòr mhòr - nì sinn sin agus cuidichidh sinn a chèile, a' coimhead a-mach dha chèile agus biadh no gu brith gu dè eile, a thoirt dha chèile", thuirt e.
Tha Fòram Covid-19 Bharraigh is Bhatarsaigh a' coinneachadh gach là gus bruidhinn air mar a ghabhas taic a chumail ri daoine.
Tha Guth Bharraigh cuideachd air liosta de sheirbheisean, taobh a-muigh a chur air dòigh.
Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar feasgar Dhiardaoin gu bheil Ionad Spòrs Bhàgh a' Chaisteil a' dùnadh sa bhad ri linn an t-suidheachaidh a th' ann.
Tha Seirbheisean Cùraim Làitheil do dh' Inbhich cuideachd a' dùnadh. Bha casg air a chur an sàs mar-thà air luchd-tadhail aig Ospadal is Dachaigh Cùraim an Naomh Bhrianan.