Àrdachadh de chùisean Covid-19 am prìosan Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha an àireamh chùisean den Choròna-bhìoras am measg nam prìosanach aig Prìosan Inbhir Nis air èirigh gu 11.
Bhathas ag aithris ron seo gun robh "nas lugha na còig cùisean" sa phrìosan.
Thuirt Seirbheis Phrìosan na h-Alba ged nach eil na h-àireamhan ann am Porterfield fìor àrd, gu bheil iad air èirigh gu mòr anns na làithean a dh'fhalbh.
Tha an fheadhainn leis a' bhìoras gan cumail air leth bhon chòrr de phrìosanaich, is tha ceumanan eile gan cur an-sàs gus smachd a chur air an t-suidheachadh.