Banachdach ga sgaoileadh a-mach an dachaighean-cùraim
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad an dùil gum bi dachaighean-cùraim na sgìre uile air a' chiad dòs de bhanachdach a' Choròna-bhìorais fhaighinn ro dheireadh na h-ath-sheachdain.
Tha seo ann is an àireamh de chùisean de Chovid-19 ann an trì dachaighean-cùraim air a' Ghàidhealtachd a-nise nas àirde na 50.
Chaidh dearbhadh gu bheil am bhìoras air 24 den luchd-còmhnaidh ann an Dachaigh Kintyre House is air 14 a tha a' fuireach ann an Dachaigh Castle Gardens.
Tha Covid-19 cuideachd air cuid den luchd-obrach aig an dà dhachaigh ann an Inbhir Ghòrdain.
A thuilleadh air sin, tha 13 cùisean air an dearbhadh ann an Dachaigh Fodderty ann an Inbhir Pheofharain is cuid den luchd-obrach an sin gan cumail fhèin fa leth.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur air dòigh phlanaichean gus a' bhanachdach a thoirt do luchd-còmhnaidh is luchd-obrach anns na trì dachaighean a fhuair dearbhadh nach eil am bhìoras orra.
Adhartas
Gheibh an fheadhainn leis a' bhìoras a' bhanachdach ann am mìos eile fon stiùireadh a th' ann.
Thuirt am bòrd gu bheil prògram na banachdaich san fharsaingeachd a' dèanamh adhartais.
Dh'innis cathraiche a' bhùird, an t-Ollamh Boyd Robasdan, gu bheil dùil aca a bhith air a' chiad dòs a thoirt seachad do luchd-còmhnaidh is luchd-obrach ann an dachaighean-cùraim na Gàidhealtachd gu lèir ro dheireadh na h-ath-sheachdain.
Thuirt e gun ruig iad a' clach-mhìle sin tràth sa Ghearran 'son daoine nas sine na 80 agus luchd-obrach na slàinte is a' chùraim a tha aghaidh ri aghaidh ris an t-sluagh.
Chuir am bòrd-slàinte ann an cuimhne dhaoine gun cur iad fios thuca nuair a tha an t-àm aca a' bhanachdach fhaighinn.