Naidheachdan 11:00m
Riaghailtean siubhail nas teinne
Thuirt Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìchael MacMhathain, gu bheil ministearan a' coimhead ri riaghailtean siubhail a-staigh a dh'Alba a neartachadh. Dhùin an Rìoghachd Aonaichte a crìochan bho 04:00m an-diugh air luchd-siubhail aig nach eil dearbhadh nach eil an Coròna-bhìoras orra. Agus feumaidh a h-uile duine a gheibh cead tighinn a-staigh dhan dùthaich fèin-aonranachadh a dhèanamh airson deich là. Ach tha Mgr MacMhathain ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air tuilleadh dheuchainnean agus àite cuarantain a chur air dòigh ann an taighean-òsta do dhaoine a thig a dh'Alba.
Covid am Barraigh
Thuirt NHS nan Eilean Siar gun tàinig àrdachadh follaiseach air na tha dearbte de Chovid-19 ann am Barraigh le 39 cùis uile gu lèir. Tha còrr agus 100 de mhuinntir an eilein a' fuireach air leth. Bha 14 cùisean ùra anns na h-Eileanan Siar an-dè, 12 ann am Barraigh agus dhà ùr eile ann am Beinn nam Fadhla.
Làraidhean Èisg
Tha sreath làraidhean, a' mhor-chuid dhiubh a bhuineas do chompanaidhean èisg agus maoraich às Alba, a' dràibheadh timcheall Whitehall ann an Lunnainn an-dràsta agus iad a' togail fianais mun trioblaid a tha aca a' cur stuth gu margaidhean Eòrpach. Tha aon làraidh, leis a' bhratach ag ràdh"Brexit Carnage", air stad gu math faisg air Sràid Downing.
Creideas Coitcheann
Tha cudrom a' sìor fhàs air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sochairean sòisealta nas motha a thòisich an-uiridh aig toiseach a' Phandemic a chumail a' dol. Tha £20 a bharrachd air a' Chreideas Choithcheann agus air Creideas na Cìse Cosnaidh ach tha sin ri sguir sa Ghiblean. Tha còrr 's 60 cùl- bheingear Tòraidheach a' cur taic ris na Làbaraich a tha ag iarraidh air an Riaghaltas an sgeama sin a leudachadh.
Ceannas Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
Dh'innis Monica Lennon an-raoir gu bheil i a' seasamh airson ceannas a' Phartaidh Làbaraich ann an Alba. 'S e aon duine eile, Anas Sarwar, a bhios anns an taghadh 'son a dhol an àite Richard Leonard a dh'fhàg an dreuchd Diardaoin seo chaidh. Thuirt Ms Lennon ron seo nach soirbhich leis na Làbaraich ann an Alba mura dèan iad sgaradh bho Phàrtaidh na Rìoghachd Aonaichte.