County an dùil ri blàr mòr aig a' bhonn
- Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Ross County gu bheil a h-uile dùil aige nach tèid am blàr aig bonn na Prìomh Lìge a rèiteachadh chun an là mu dheireadh den t-seusan.
Dh'èirich County far bhonn na lìge aig an deireadh-sheachdain nuair a rinn iad an gnothach air Obar Dheathain 4-1.
B' e sin a' chiad gheama lìge a bha iad air buannachadh ann an Inbhir Pheofharain bhon Lùnastal.
Chaidh Iain Hughes fhastadh mar mhanaidsear goirid ron Nollaig is County air Stiùbhart Kettlewell a chur às a dhreuchd.
Dh'innis Hughes gu bheil e air a mhisneachadh gu mòr leis na chunnaic e thuige seo, ach le dìreach còig puingean eadar sia sgiobaidhean aig bonn na lìge, tha làn-dùil aige ri blàr anns na mìosan ri tighinn.
"Thèid e sìos chun an là mu dheireadh", thuirt e.
"Spionnadh"
"Cha do chaill sinn ach aon turas anns na ceithir geamaichean mu dheireadh is tha mi a' faicinn spionnadh às ùr annainn. 'S e sin a tha gach manaidsear ag iarraidh - a' mhisneachd a tha a' tighinn bho gheamaichean a bhuannachadh.
"Ach tha sinn far a bheil sinn air deagh adhbhar. 'S e a tha dhìth orm ach an ìre sin gach seachdain
"Tha mi a' faicinn rudan sònraichte aig trèanadh is a-nise tha e a' tachairt air a' phàirc cuideachd. Ach feumaidh iad a dhèanamh a h-uile seachdain", thuirt e.
Thèid County a dh'Ibrox Disathairne is na Staggies ag amas air a' chùis a dhèanamh air Rangers 'son a' chiad turas.
Tha Rangers aig mullach na lìge is gun geama a chall san lìog thuige seo.
Thuirt Hughes mar-thà gur e geama doirbh a bhios ann ach gu bheil e ag amas air na trì puingean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 Am Faoilleach 2021

- Air fhoillseachadh22 An Dùbhlachd 2020
