Ceist mu chothrom èisteachd ri coinneamhan chomataidhean
Tha deasaiche a' Phàipeir Bhig a' ceasnachadh carson nach urrainn do luchd-naidheachd èisteachd, beò air-loidhne, ri coinneamhan comataidhean sgìreil Chomhairle na Gàidhealtachd.
Chaidh cur às do na coinneamhan beò bho chionn beagan bhliadhnaichean ri linn cion airgid.
Thuirt a' Chomhairle gur e duilgheadsan teicnigeach as coireach nach urrainn do luchd-naidheachd na coinneamhan a leantainn fhad 's a tha iad a' tachairt.
Le tuilleadh, seo Eileen NicDhòmhnaill.