Sia cùisean Covid ùra ann an clustair Ospadal nan Eilean

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras agus mapa de na h-Eileanan Siar

Thuirt NHS nan Eilean Siar oidhche Aordaoin gun d' fhuair sianar eile dearbhadh gu bheil Covid-19 orrra an co-cheangal ris a' chlustair ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil dusan neach leis a' bhìoras, a' mhòr-chuid dhiubh nan luchd-obrach anns an ospadal.

Dhearbh an t-ùghdarras slàinte cuideachd gu bheil an sreàn ùr den choròna-bhìoras a-nis air nochdadh sna h-Eileanan an Iar.

Tha còrr agus 60 duine gan cumail fhèin fa leth.

Ospadal nan EileanTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Cha bhi obair-lannsa ach ann an suidheachadh èiginn aig prìomh ospadal nan eilean airson co-dhiù seachdain

Seirbheisean neo-riatanach dheth

Bha casg mar-thà air a' chuid as motha de luchd-tadhail, agus cho-dhùin NHS nan Eilean Siar gun tèid obair-lannsa nach eil riatanach a chur dheth airson co-dhiù seachdainn.

Cha robh cùisean ùra sam bith co-cheangailte ris na sgapaidhean ann am Barraigh neo Beinn na Faoghla.

Ach thuirt Àrd Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jaimeson, gu bheil dearbhadh ann a-nis gu bheil a' ghnè ùr Bhreatannach den bhìoras san sgìre.

"Leis gu bheil dearbhadh againn air an sin agus leis gu bheil fios againn gum bi an sreàn ùr Breatannach nas gabhaltaiche agus a' sgapadh nas luaithe, dh'iarrainn air a h-uile duine a bhith nas cùramaiche buileach airson an dìon fhèin agus daoine a tha faisg orra.

"Feumaidh sinn smachd a chur air sgapadh a' bhìorais agus bu mhath leam taing a thoirt do dh'oidhirpean gach duine agaibh," thuirt e.