Cha tèid Fèis Cheilteach Innse Gall 2021 air adhart
- Air fhoillseachadh

B' e Runrig am prìomh chòmhlan aig Fèis Cheilteach Innse Gall 2016
Cho-dhiùn stiùirichean Fèis Cheilteach Innse Gall (HebCelt) nach tèid a cumail airson na dàrna bliadhna sreath a chèile.
Chaidh fèis 2020 a chur dheth air sgàth èiginn Covid, agus leis nach eil fhios mar a bhios cùisean am meadhan an t-samhraidh thuirt iad nach tachair i am-bliadhna a bharrachd.
Thuirt iad gum faigh daoine a cheannaich tiocaidean an t-airgead air ais.
Tha iad an dòchas, ge-tà, tachartas air choireigin a chur air dòigh uaireigin am-bliadhna, cuirmean beò air-loidhne 's dòcha, coltach ris an fhèis bhiortail a bh' aca an-uiridh.
Sàbhailteachd na coimhearsnachd
Thuirt tè de stiùirichean na fèise, Eilidh Laing, gur e co-dhùnadh uabhasach doirbh a bh' ann dhaibh.
"Bha sinn a feitheamh airson fhaicinn mar a bha cùisean gu bhith, ach 's e bhith a' cumail ar coimhearsnachd sàbhailte an rud cudromach.
"Tha sinn air tòiseachadh air airgead a thoirt air ais do dhaoine a th' air tiocaidean a cheannach.
"A thaobh fèis 2022, feumaidh sinn rud beag de dhòchas a bhith againn, ach chan eil sinn a' dearbhadh gu bheil rud sam bith cinnteach fhathast."

Tha teagamh ann an tèid Belladrum air adhart am bliadhna a bharrachd
Belladrum
Tha an fheadhainn air cùl na fèise-ciùil as motha air a' Ghàidhealtachd, Belladrum, ag ràdh gu bheil iadsan dòchasach gun tèid aca air a cumail am-bliadhna.
Bidh an fhèis ga cumail san Lùnasdal ach cleas HebCelt cha do thachair i ann an 2020
Thuirt stiùirichean Bhelladrum gun robh cunnart gun tèid a cur dheth fhathast le mì-chinnt a' phandemic, ach gu bheil iad fhathast ag ullachadh air a son le dòchas gun tèid i air adhart.
Thug iad taing dhan a h-uile duine a tha a' cumail taic riutha.