Dh'fhaodadh gun tèid na h-Eileanan Siar air fad fo lockdown

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras agus mapa de na h-Eileanan an Iar

Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachdadh air riaghailtean Covid nas cruaidhe a chur an sàs air feadh nan Eilean Siar le àrdachadh ann an cùisean a' choròna-bhìorais.

A bharrachd air Barraigh agus Bhatarsaigh a tha ann an Ìre 4, tha an sgìre ann an Ìre 3 an-dràsta ach tha dùil ri co-dhùnadh an tèid a gluasad gu Ìre 4.

Bha dearbhadh aig Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, air sia cùsean ùra 'sna h-eileanan Dihaoine a bharrachd air naoi cùisean ùra Diardaoin.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil an seòrsa ùr, a nochd an toiseach ann an Sasainn, a-nis am measg nan cùisean a chlàir iad.

Tha dearbhadh ann a-nist air 12 cùis aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh agus a' mhor chuid dhiubh sin am measg luchd-obrach.