Còig cùisean ùra de Chovid-19 anns na h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Covid

Chaidh còig cùisean ùra de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar.

Tha ceithir cùisean ùra co-cheangailte ris an sgaoileadh aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh. 'S e daoine a tha a' fuireach còmhla ri feadhainn eile a fhuair dearbhadh roimhe gu bheil am bhìoras orra a th' ann an dithis de na cùisean ùra.

Tha 23 cùisean ann a-nise uile gu lèir anns an sgaoileadh.

A bharrachd air seo, chaidh aona chùis ùr a dhearbhadh sa chlustair bheag ann am Beinn nam Fadhla far a bheil a-nise ceithir cùisean.

Stiùireadh

Às dèidh mar a chaidh na h-Eileanan an Iar air fad a ghluasad gu Ìre 4 de riaghailtean Covid Dihaoine, dh'iarr Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, às ùr air daoine an stiùireadh a th' ann a leantainn is gun a bhith a' fàgail an taigh ach ma tha e deatamach.

Cha bhi obair-lannsa nach eil riatanach a' dol air adhart aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo. Tha casg a' leantainn cuideachd air luchd-tadhail sa mhòr-chuid de suidheachaidhean.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad cinnteach nach tug luchd-obrach slàinte eadar-amail am bhìoras a-steach a dh'Ospadal nan Eilean, is gu bheil luchd-obrach mar sin a' dol fo dheuchainn mus tòisich iad le NHS nan Eilean Siar.

Thuirt iad cuideachd gu bheil e "mì-chuideachail" gun robh cuid a' feuchainn ri luchd-obrach na slàinte a choireachadh airson mar a chaidh na h-Eileanan a ghluasad gu Ìre 4.

Banachdach

Aig an dearbh àm, chaidh an clionaig ann an Ospadal nan Eilean Siar 'son banachdach a' Choròna-bhìorais a ghluasad gu Taigh-òsta a' Chaberfeidh ann an Steòrnabhagh. Fhuair còrr is 250 duine a' bhanachdach an sin Disathairne is tha prògram na banachdaich a' leantainn anns na h-Eileanan an t-seachdain seo.

A thuilleadh air suidheachadh nan Eilean Siar, chaidh 34 cùisean ùra den Choròna-bhìoras a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Thuit an àireamh de dhaoine san sgìre a tha san ospadal leis a' bhìoras bho 38 gu 32. Tha seachdnar ann an ionadan dlùth-chùram.

Gu nàiseanta, tha daoine thairis air 70 bliadhna dh' aois a' tòiseachadh a' faighinn banachdach a' Choròna-bhìorais ann an Alba bho Dhiluain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo