Càin air dithis shreapadairean
- Air fhoillseachadh

Chaidh càin air dithis shreapadairean ann an Loch Abar air an deireadh-sheachdain is iad air riaghailtean a' Choròna-bhìorais a bhriseadh.
Thathas a' tuigsinn gun robh an dithis air draibheadh bho Ghlaschu gus Beinn Nibheis a dhìreadh.
Chaidh fios a chur air Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair mu 4.15f Disathairne gun robh iad ann an èiginn air a' bheinn.
Chaidh 20 ball den sgioba ann còmhla ri heileacoptair nam maor-cladaich à Inbhir Nis.
Rinneadh cobhair air na sreapadairean is chaidh an sgèith dhan Ghearasdan.
Riaghailtean
Cha robh iad air an goirteachadh ach chaidh càin orra airson riaghailtean Covid-19 a bhriseadh.
Rinn an luchd-teasairginn an uairsin cobhair air dithis fhireannach eile air Creag Meagaidh Oidhche Shathairne. Chaidh an dithis a thogail gu sàbhailte.
'S e sreapadairean ionadail a bh' annta is cha robh iad air riaghailtean Covid a bhriseadh.
Thuirt Sgioba Teasairginn Bheantan Loch Abair gun robh iad an dùil a dhol tron Fhaoilleach gun bhrath-èiginn idir 'son a' chiad turas a-riamh, mus an do dh'èirich an dà shuidheachadh Disathairne.
Dh'iarr iad air daoine na riaghailtean siubhail a th' ann an-dràsta ri linn a' Choròna-bhìorais a leantainn.