Tubaist chàir "na h-oidhirp air murt"

  • Air fhoillseachadh
TubaistTùs an deilbh, JASPERIMAGE

Tha boireannach fo chasaid gun do rinn i oidhirp air murt ann an co-cheangal ri droch thubaist-rathaid ann an Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh.

Tha dùil ris a' bhoireannach, 43, ann an Cùirt an t-Siorraidh sa bhaile Diciadain.

Bhuail càr Mercedes E220 togalach aig a' cheann-rathaid eadar Sràid a' Ghranndaich agus Rathad Loch Aillse ann am Marc-Innis timcheall air 9:10f Diardaoin an 21mh là den Fhaoilleach.

Chaidh ceathrar a bha a' siubhal anns a' charbad aig an àm a ghoirteachadh, agus thugadh iad uile a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Chaidh an togalach a bha na bhùth cur-gheall, a dhroch mhilleadh agus tha luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd fhathast a' feuchainn ri a dhèanamh sàbhailte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo