Casaidean oidhirp muirt an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh 3 casaidean oidhirp air murt agus aon chasaid ionnsaigh air boireannach ann an Inbhir Nis Diardaoin.
Nochd Donna Stiùbhart, 43 ann an Cùirt an t-Siorraim anns a' bhaile fo na casaidean às dèidh tubaist-rathaid ann an Inbhir Nis air a' mhìos sa chaidh.
Bhuail càr ann an togalach ann am Marc-Innis air an 21mh den Fhaoilleach timcheall air 9.10f
Chaidh triùir fhireannach agus boireannach a thoirt gu ospadal an Ràthaig Mhòir às dèidh na tubaiste.
Cha do rinn Donna Stiùbhart tagradh sam bith, agus chaidh a leigeil ma sgaoil air urras.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 Am Faoilleach 2021
