Iasgairean a' togail dhraghan mu Bhrexit
- Air fhoillseachadh

Bheir riochdairean bho ghnìomhachas an iasgaich is a' mhaoraich fianais do luchd-poileataigs ann an Lunnainn is Dùn Èideann Diardaoin mun trioblaid a tha Brexit a' dèanamh dhaibh.
Tha Comataidh Chùisean na h-Alba aig Westminster a' coimhead ri buaidh aonta malairt Bhrexit air a' ghnìomhachas.
Tha dùil gun tog riochdairean dragh leotha gu bheil na riaghailtean malairt ùra air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air iasgairean agus companaidhean èisg.
Canaidh iad gu bheil iomadh duilgheadas air nochdadh ann an siostam ùr na cusbainn sa mhìos mu dheireadh, is gu bheil feum air co-obrachadh ris an Roinn Eòrpa gus dèanamh cinnteach gu bheil iasg is maorach a' faighinn gu margaidh.
Aig an dearbh àm, bidh Comataidh a' Chultair, na Turasachd, na h-Eòrpa is nan Cùisean A-Muigh cuideachd a' gabhail fianais mu bhuaidh Bhrexit Diardaoin.
Tha dùil gun cluinn iad draghan an dà chuid mun iasgach agus bho Roinn an Àiteachais.