Càineadh airson dachaigh-chùraim air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-sgrùdaidh air a' chompanaidh a tha a' ruith dachaigh-chùraim ann an Inbhir Ghòrdain, a chunnaic sgapadh de Chovid, a chàineadh.

Tha seachdnar luchd-còmhnaidh air bàsachadh le Covid-19 aig Taigh Chinn Tìre.

Rinn Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim sgrùdadh aig Taigh Chinn Tìre air an 22mh dhen Fhaoilleach às dèidh dhan sgapadh tòiseachadh.

Dìth luchd-obrach

Bha dragh orra nach robh gu leòr luchd-obrach ann airson coimhead às dèidh an luchd-còmhnaidh no an t-àite a chumail glan.

Thuirt iad cuideachd nach robh an luchd-obrach a' faighinn cuidhteas PPE gu sàbhailte.

Rinn iad sgrùdadh eile ann an ceithir là, agus thuirt iad gun tàinig piseach air cùisean.

Chaidh luchd-sgrùdaidh gu dachaigh-chùraim Castle Gardens ann an Inbhir Ghòrdain cuideachd, dachaigh far a bheil 15 duine air bàsachadh le Covid.

Moladh

Rinn iad moladh air a' chùram an sin agus air na planaichean a th' aca.

Thuirt Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad air toraidhean an cuid sgrùdaidh a chur gu NHS na Gàidhealtachd.