#làabairtnagàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha liosta de dh'abairtean aig Hands Up for Trad, air neo faodaidh daoine na h-abairtean aca fhèin a thaghadh.
Tha oidhirp, taobh a-muigh ùr a' dol air adhart Dihaoine gus daoine a bhrosnachadh Gàidhlig a bhruidhinn.
'S iad a' bhuidheann Hands Up for Trad a tha air cùl #làabairtnagàidhlig no #sayagaelicphraseday.
Tha iad ag iarraidh air daoine abairt air choireigin a thaghadh is a chlàradh, is an uairsin am bhideo aca a sgaoileadh air na meadhanan sòisealta.
Bidh cuideachd tachartas air-loidhne aca feasgar le Joy Dunlop os a chionn.
"'S e seachdain chànanan na h-Alba a tha seo is shaoil sinn gur e fìor dheagh chothrom a bha sin Gàidhlig a bhrosnachadh", mhìnich Joy.
Coimhearsnachd
"Chan eil ann ach là a chaidh a chomharrachadh gus Gàidhlig a bhrosnachadh is a neartachadh air-loidhne.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil coimhearsnachd ùr againn air-loidhne agus tha daoine a-nise a' feuchainn ri Gàidhlig a chleachdadh san dòigh sin, ach do dhaoine gu h-àraidh aig nach eil Gàidhlig, 's e seo a' chiad cheum.
"Tha e uabhasach furasta abairt a thogail is an uairsin sin a sgaoileadh", thuirt i.
Bidh an tachartas aig Joy air Facebook Hands Up for Trad, taobh a-muigh aig 1f.
Chìthear abairtean bho chuid ann an sgioba BBC Naidheachdan air na meadhanan sòisealta tron là Dihaoine.