Taic ga sireadh às ùr 'son leasachadh sa Chùil

  • Air fhoillseachadh
A' Chùil

Tha taic ga sireadh às ùr 'son raon-goilf a leasachadh sa Chùil ann an Cataibh.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba an-uiridh cead a thoirt do phlanaichean 'son raon aig àrd-ìre a stèidheachadh aig an làraich eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Bha sin às dèidh rannsachaidh poblaich mun chùis.

Bha luchd-glèidhteachais a' cumail a-mach bho thùs gun dèanadh an leasachadh sgrios maireannach air àrainneachd agus coltas an àite.

Buannachdan

Ach a-nise tha feadhainn san sgìre air an deasbad a thòiseachadh às ùr.

Dh'innis buidheann air a bheil Coimhearsnachdan airson na Cùil gu bheil cruaidh-fheum air obraichean san sgìre.

Thuirt iad gum biodh buannachdan mòra an lùib raoin-ghoilf.

Tha iad a' sireadh taic bho choimhearsnachdan faisg air làimh mus cuir iad a-steach iarrtas-dealbhachaidh.

"Tha an sgìre seo làn le daoine a tha air an dreuchdan a leigeil dhiubh is tha eagal orm gu bheil mi fhìn nam measg", thuirt Gòrdan Sutharlannach bho Choimhearsnachdan airson na Cùil.

"Tha mo chridhe san àite ge-tà, agus b' fheàrr leam gun robh rudeigin ann airson na h-òigridh, rudeigin airson dòchas a thoirt dhaibh agus obraichean a chruthachadh san sgìre", thuirt e.

Strì

Thuirt feadhainn a chuir an aghaidh nam planaichean a bh' ann bho thùs nach eil dad air atharrachadh.

Gheall iad gun seas iad gu daingeann an aghaidh mholaidhean ùra.

"Sheall an rannsachadh poblach gun toireadh raon-goilf droch bhuaidh air an àrainneachd", thuirt an Dr Tom Darge bhon bhuidhinn Not Coul.

"Tha an t-strì againn air a bhith a' leantainn fad ceithir bliadhna is leanaidh e fhathast", thuirt e.