Airgead-dìolaidh saor bho chìsean
- Air fhoillseachadh

Chuir NHS na Gàidhealtachd fàilte air co-dhùnadh bho Roinn na Cusbainn 's nan Cìsean (HMRC) nach fheum a' mhòr-chuid de dhaoine a fhuair airgead-dìolaidh tro Phròiseas Slànachaidh a' bhùird shlàinte do dhaoine a dh'fhulaing burraidheachd, cìsean no Àrachas Nàiseanta a phàigheadh air.
Chaidh am pròiseas a stèidheachadh an dèidh Rannsachadh Iain Sturrock QC, a fhuair gun robh na ceudan de luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd air dol-a-mach mì-iomchaidh fhulaing ann.
Thuirt HMRC nach fheumar cìs a phàigheadh air suimean a fhuaireadh an co-cheangal ri cron is slànachadh.
Thathas ag iarraidh air daoine a tha airson clàradh airson a' phròiseas slànachaidh sin a dhèanamh ron cheann-là air an 26mh Gearran 2021.