Ceathrar air bàsachadh le Covid ann an Deimhidh

  • Air fhoillseachadh

Tha ceathrar de luchd-còmhnaidh dachaigh-chùraim faisg air Inbhir Nis air bàsachadh le Covid-19.

Chaidh an galar a dhearbhadh air 75 duine - eadar an luchd-còmhnaidh agus an luchd-obrach - aig Loidse Meallmore ann an Deimhidh.

Tha mòran dhiubh sin air faighinn seachad air ach tha Meallmore, a' chompanaidh a tha a' ruigh na dachaigh, ag ràdh gu bheil 19 den luchd-còmhnaidh agus 17 den luchd-obrach a' fèin-aonaranachadh.