Naidheachdan 11:00m
Ceadan-siubhail Banachdaich
Thuirt Rùnaire Còmhdhail na Rìoghachd Aonaichte gu bheil e a' coimhead coltach gum bi ceadan-siubhail banachdaich a dhìth air daoine anns an àm ri teachd airson a bhith a' siubhal thall-thairis. Thuirt Grant Schapps gu bheil an Riaghaltas a' bruidhinn ri dùthchannan eile mu mar a dh'obraicheadh leithid de shiostam, agus gu bheil e fhathast fada ro thràth do dhaoine a bhith a' smaoineachadh mu bhith a' cur làithean-saora air dòigh airson an t-Samhraidh.
Cuarantain
Tha Rùnaire Còmhdhail na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, a' feuchainn ri toirt air an Riaghaltas ann an Lunnainn daoine a tha a' siubhal a dh'Alba, ach a tha a' cleachdadh puirt-adhair ann an Sasainn, a chur ann an cuarantain. Tha Alba a' cur luchd-siubhail eadar-nàiseanta air fad ann an cuarantain, ge b' i cò às a thig iad. Chan eile dùthchannan eile na Rìoghachd Aonaichte a' cleachdadh cuarantain ach air feadhainn a tha a' tighinn bho dhùthchannan na liosta-deirge mar Braisil agus Afraga a Deas. Gu ruige seo, tha Riaghaltas na h-Alba air sia taighean-òsta fhastadh faisg air puirt-adhair Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Obar Dheathain mar phàirt den iomairt chuarantain aca.
EU
Dh'aidich Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen, nach eil prògram banachdaich an EU aig an ìre 's a mhiannaicheadh i. Dh'innis i dhan Phàrlamaid Eòrpaich gun robh an Coimisean air a bhith fadalach ann a bhith a' cur òrdain banachdaich a-staigh, ro dhòchasach mu cho furasta 's a bhiodh e na drogaichean a chruthachadh, agus ro mhisneachail gum biodh pailteas bhanachdaichean ann dhan a h-uile duine.
Heineken
Dh'fhoillsich Heineken, fear de na grùdairean as motha air an t-Saoghal, planaichean airson cha mhòr 10% den luchd-obrach aca a ghearradh. Thuirt a' chompanaidh Dhuitseach gun tèid cur às de 8,000 obair ann an diofar dhùthchannan, agus plàigh a' Choròna-bhìorais air lùghdachadh mòr adhbharachadh anns na tha iad a' reic de leann.
Sgoiltean air Ghàidhealtachd
Chaidh na h-uimhir de sgoiltean a dhùnadh air Ghàidhealtachd agus sneachda agus deigh ga dhèanamh cunnartach a bhith a' siubhal. Chaidh dà dhusan sgoil, a bha fosgailte airson clann luchd-obrach riatanaich a dhùnadh - a' chuid mhòr dhiubh air taobh Sear Chataibh agus Taobh Sear Rois is Chrombaidh. Agus ann an Lodainn, tha luchd-obrach an NHS ag ràdh gu bheil an sneachda a' cur bacadh orra bhon a bhith a' tadhal air dachannan dhaoine airson banachdach Covid-19 a thoirt seachad. Tha iad ag iarraidh air daoine fios a chur thuca agus lathaichean eile a chur air dòigh.
Ionad Hiort
Tha dragh ann nach tig pròiseact gus ionad Hiort a stèidheachadh ann an Ùig' Leòdhais gu buil, às dèidh dha faileachdainn orra maoineachadh fhaighinn bho Stòras Ath-leasachaidh Riaghaltas na h-Alba. Tha deich bliadhna ann bhon a chaidh Ùig a thaghadh mar an t-àite as fheàrr airson ionad a' comharrachadh dìleab agus dualchas Hiort, agus tha a' bhuidheann a th' air cùl a' phlana ag ràdh gu bheil iad a-nis an dòchas taic fhaighinn bho Aonta nan Eilean.