
Thàinig lùghdachadh de £1.1bn air malairt uisge-bheatha na h-Alba - no 23%.
Tha am Pandemic air buaidh mhòr a thoirt air a' ghnìomhachas le taighean-seinnse agus clubaichean ann am mòran àiteachan air feadh an t-saoghail air a bhith dùinte.
Le nas lugha dhaoine air a bhith a' siubhal cha robh uimhir de dhaoine ga cheannach saor o chìsean ann am bùithtean sa phort-adhair nas motha.
Tha taraifean 25% a chaidh a chur air anns na Stàitean Aonaichte cuideachd air buaidh a thoirt air a' ghnìomhachas.