Naidheachdan 11:00m
Sheall àireamhan ùra gun do dh'fhuiling eaconamaidh Bhreatainn an crìonadh as motha ann an ceud bliadhna an-uiridh. Thàinig lùghdachadh de 9.9 % air GDP na dùthcha - call a tha còrr is a dhà uimhir nas motha na dad a chaidh fhaicinn ron seo. Ach tha àireamhan bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta cuideachd a' sealltainn gun do dh'fhàs an eaconamaidh 1.2% san Dùbhlachd nuair a chaidh riaghailtean Chovid a lasachadh airson na Nollaige 's na Bliadhna Ùire - agus gun do shàbhail sin an Rìoghachd Aonaichte bho sheacadh oifigeil.
Chaidh gàrraidhean-togail Àranais ann an Leòdhas, agus Methil ann am Fìobha a ghabhail thairis leis a' chompanaidh leis a' bheil gàrradh-shoithichean Harland & Wolff ann am Beul Feirste. Thuirt InfraStrata gum bi iad ag amas air cùmhnantan a bhuannachadh airson tuathan-gaoithe, gnìomahchas a' chumhachd agus a bhith a' togail agus a' càradh bhàtaichean. Thuirt iad gu bheil suidheachadh agus uidheamachd Ghàrradh Àranais gu sònraichte freagarrach airson an t-seòrsa obrach sin.
Thuirt Ruisia gu bheil i deiseil airson na ceangalaichean dioplòmasach aice leis an Aonadh Eòrpach a ghearradh ma thèid smachd-bhannan ùra a chur air Mosgo airson mar a tha iad a' dèiligeadh ris a' cheannard dhùbhlanach, Alexei Navalny. Tha Mgr Navalny anns a' chùirt a-rithist, an turas seo fo chasaid gun do mhì-chliùthaich e fear a bha a' sabaid san Dàrna Cogadh. Tha na h-ùghdarrasan mu thràth air binn prìosain trì bliadhna a chur air Mgr Navalny ann an cùis-lagha eadar-dhealaichte.
Bhictòria
Chaidh glasadh ùr a ghairm ann an Stàit Bhictòria ann an Astràilia às dèidh dhan strèana Shasannach den Choròna-bhìoras a dhol ma sgaoil ann an taigh-òsta cuarantain ann am Melbourne. Mairidh an Lockdown còig là, agus thuirt Prìomhaire na stàite, Daniel Andrews, gu bheil iad an dòchas gum bi sin fada gu leòr airson stad a chur air a' ghalar o bhith a' sgapadh. Chaidh cead a thoirt do dh'fharpais teanais Astràilia cumail a' dol ann am Melbourne, ach thèid luchd-amhairc a chasg bho na geamachan.
Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil dàibhearan agus luchd-einnsinnìridh air a bhith ag obair tron oidhche is iad a' feuchainn ri uisge fhaighinn air ais gu na ceudan dhachaighean ann an Uibhist a Tuath, Beàrnaraigh agus Griomasaigh. Tha deigh sna pìoban air a bhith a' cur bacadh orra o bhith a' tarraing uisge à Loch Fada faisg air Blathaisbhal, agus tha iad air a bhith a' cleachdadh thancairean gus uisge a thoirt a-steach bho sgìrean eile. Tha Uisge na h-Alba cuideachd ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh thrioblaidean le uisge ann am pàirtean de Leòdhas.