
Chaidh an drochaid a mheas cunnartach do charbadan troma a-niste.
Tha dùil gum bi drochaid ùr a cheangaileas Beàrnaraigh ri tìr-mòr Leòdhais deiseil san Ògmhios.
Tha dùil gun cosg an drochaid ùr mu £3m, 's an tè a th' ann a-niste air a bhith ann bho 1953, agus air a meas cunnartach do charbadan troma.
Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba Dimàirt stòras luach £32m airson drochaidean ionadail a chàradh, ach tha Comhairle nan Eilean Siar an dùil cuibhreann fhaighinn dheth sin - ged nach eil fios aca fhathast dè na gheibh iad de dh'airgead.
"Chan eil fhios againn aig an ìre seo fhathast dè tha sinn a' dol a dh'fhaighinn," thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
"Bhiodh e glè mhath nam faigheamaid an £3m, ach tha mi a' creidsinn nach fhaigh sinn sin.
"Ach ge b' e dè gheibh sinn bidh e na chuideachadh.
"Tha duilgheadas mòr aig a' Chomhairle timcheall air chan e a-mhàin an drochaid seo ach drochaidean eile a dh'fheumas, thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn, ùrachadh a dhèanamh orra.
"Agus tha e math gu bheil an Riaghaltas a' tuigsinn nan duilgheadasan a th' ann.
"Tha beagan duilgheadais air a bhith ann. Tha oifigich na Comhairle air a bhith a' còmhradh fad an t-siubhail ri muinntir Bheàrnaraigh, agus gu deimhinne tha sinn gu math taingeil cho foighdinneach 's a tha iadsan air a bhith.
"Tha mi a' creidsinn gum bi e 's dòcha meadhan an Ògmhios mus bi a h-uile dad air a chur air dòigh 's gu ìre far am bi drochaid suas agus gum faigh daoine a-null 's a-nall.
"Tha dùil againn tòiseachdainn a' deisealachadh air gach taobh air an ath-mhìos.
"Tha dùil againn ris an drochaid fhèin a' tighinn meadhan a' Ghiblein. Tha i a' tighinn na pìosan 's ga cur ri chèile anns an àite fhèin, agus tha dùil gum bi a h-uile dad deiseil mu mheadhan an Ògmhios," thuirt e.
'S e obair a tha seo a dh'fheumas a' Chomhairle a dhèanamh co-dhiù, agus chan eil e a' crochadh air an ionmhas a dh'ainmich an Riaghaltas, ged a thuirt Mgr Robasdan gum bi sin na chuideachadh leis a' phròiseact.