An SNP fo chasaid nach tug iad taic gu leòr dhan Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Soidhne le Fàilte gu Alba sgrìobhte airTùs an deilbh, Geograph

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an cunnart gum bi "bàs na Gàidhlig" mar phàirt den dìleab mura dèan iad mòran a bharrachd dhan chànan.

Sin beachd Rhoda Ghrannd, tè de bhuill Làbarach na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Bha ise a' bruidhinn Diluain ron choinneimh mu dheireadh aig buidheann thar-phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood mas bi taghadh ann sa Chèitean.

Chaidh moladh aig a' choinneimh tuilleadh de leasachadh na Gàidhlig a chur ann an làmhan nan coimhearsnachdan dham buin i.

Targaidean

Leis gun deach an cunntas-sluaigh a chur air ais bliadhna chan eil fhios an deach targaidean a thaobh na tha de luchd-labhairt agus na bhios de chloinn a' roghnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a choileanadh.

Bha Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig a rinneadh ann an 2007 le amasan airson na bliadhna 2021; àireamh an luchd-labhairt a chur suas gu 65,000 agus 40,000 le comas a' Ghàidhlig a leughadh agus a sgrìobhadh.

Bha targaid eile sa phlana agus b' e sin gum biodh 4,000 pàiste a' dol a-steach gu Clas a h-Aon ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig am-bliadhna; ann an 2020 's e 1,000 a thòisich sa bhun-sgoil.

Clann-sgoile
Fo-thiotal an deilbh,

'S e àrdachadh air àireamhan bun-sgoile aon de dh'amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Càineadh

Dh' fhàg ball-pàrlamaid Làbarach na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Rhoda Ghrannd, air an SNP nachd do rinn iad gu leòr airson na Gàidhlig thar na 14 bliadhna a dh'fhalbh.

"Thug sinn a-steach Achd na Gàidhlig agus bhathar ga fhaicinn mar thoiseach tòiseachadh air obair a bha gu bhith air a cur ris agus air a toirt air adhart."

"Shaoileadh duine gur iad luchd-glèidhidh na Gàidhlig leis an dòigh anns am bi iad a' bruidhinn, ach feumaidh iad uallach a ghabhail air a son."

"Ma 's e an dìleab aca bàs na Gàidhlig feumaidh iad sùil mhionaideach a thoirt air an sin agus gnothaichean a chur ceart," thuirt i.

Barrachd smachd aig ìre choimhearsnachd

Cleas nan Làbarach tha na Libearalaich Dheamocratach airson leasachadh na Gàidhlig a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.

Tha iad a' moladh Bile nan Coimhearsnachdan Dùthchail coltach ri Achd nan Eilean 2018 a bhiodh ag amas air guth nas làidire a thoirt do choimhearsnachdan nuair a thig e gu bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean a thaobh neartachadh a' chànain.

Gu dearbh 's e barrachd smachd a bhith ann aig ìre ionadail a bu mhotha a thàinig à sreath choinneamhan a chuir Alasdair Allan BPA air dòigh an 2020 le coimhearsnachdan ann an Tiriodh, air feadh nan Eilean Siar agus san Eilean Sgitheanach.

Rinn e dìon air obair an Riaghaltais Nàiseantaich a thaobh na Gàidhlig: "Tha adhartas ann agus àireamh nan sgoilearan air a dhol suas. Mar eiseimpleir, sna h-Eileanan Siar 's foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an "default option" a bhios ann."

"Tha coimhearsnachdan sna h-Eileanan gu sònraichte ag iarraidh tuilleadh smachd air na tha a' tachairt agus cuideachd gum bi fòcas ùr ann air Gàidhlig sna sgìrean traidiseanta," thuirt Mgr Allan.