
Bha dà chùis ùr de choròna-bhìoras air an dearbhadh anns na h-Eileanan an Iar Diluain
Bha aon neach le ceangal ris an sgaoileadh den ghalar ann an Steòrnabhagh; bha an dàrna cùis co-cheangailte ris a' chlustair eile ann an Leòdhas.
Cha deach ach 29 cùis ùr a dhearbhadh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd Diluain.
Air feadh na h-Alba Diluain cha deach bàs as ùr a chlàradh taobh a-staigh 28 làithean às dèidh dearbhadh den bhìoras.