"Cus cumhachd" an Inbhir Nis seach aig sgìrean dùthchail

  • Air fhoillseachadh
Croitean ann an CataibhTùs an deilbh, Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha moladh ann Cataibh air fad a dhèanamh na uàrd-comhairle

Tha dragh aig comhairliche Gàidhealach gu bheil sgìrean dùthchail a' call smachd air an cùisean fhèin 's cumhachd ga chàrnadh ann an Inbhir Nis.

Tha Struan Mackie, ball Tòraidheach a tha a' riochdachadh Inbhir Theòrsa agus Iar-thuath Ghallaibh, a' càineadh moladh gus crìochan sgìrean comhairle atharrachadh agus e ag gearain gu bheil iad a' samhlachadh meadhanachadh chumhachd ann an Alba.

Thòisich an Comh. Mackie athchuinge a' cur an aghaidh nam planaichean ris an do chuir còrr air 1,000 neach-còmhnaidh air a' Ghàidhealtachd an ainm.

Tha Coimisean nan Crìochan a' moladh Cataibh a dhèanamh na sgìre-chomhairle mhòr le ceathrar chomhairlichean agus aon chomhairliche nas lugha airson Gallaibh agus airson an Eilein Sgitheanaich.

Bidh buaidh cuideachd air uàrdan Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

Thuirt Struan Mackie gun do chuir e an athchuinge gu Coimisean nan Crìochan airson sealltainn dhaibh cho làidir agus a tha daoine a' faireachdainn mu na tha iad a' moladh.

"Tha daoine feargach gu bheil seo a' tachairt dìreach trì bliadhna on lùghdaich Coimisean nan Crìochan na bha de chomhairlichean air feadh na Gàidhealtachd."

"Tha sinn san t-suidheachadh a-rithist far a bheil Quango a' moladh gun tèid an riochdachadh comhairle a th' aig luchd-còmhnaidh ann an cuid de na sgìrean as cugallaiche den dùthaich a lagachadh," thuirt e.