
Chaidh sgiobaidhean mhaoir-chladaich Nis, Bhreascleit, Bhràgair, Mhiabhaig agus Steòrnabhaigh a ghairm a-mach oidhche Mhàirt agus boireannach, 28, air tuiteam le bearradh faisg air Cladh Bhràgair ann an Leòdhas.
Chuidich Derek Mac a' Ghobhainn agus a nighean, Kayleigh Nic a' Ghobhainn, bho Sgioba Nis am boireannach faighinn às an uisge agus thòisich iad air a blàthachadh agus i a' fulang le buaidh na fuachd.
Fhad 's a bha iad a' cumail sùil oirre, chuireadh streadsair air ròpaichean sìos gu bonn na creige airson am boireannach a thoirt às gu sàbhailte.

Bha luchd-eiridinn a' feitheamh agus thug iad a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh i.
Thuirt na Maoir-chladaich gun robh iad an dòchas nach bi fada gus am bi i a' faireachdainn nas fheàrr.
Tha iad a' cur an cuimhne dhaoine a bhith air am faiceall ma tha iad faisg air oir creige gu h-àraid ann an sìde fhliuch a dh'fhaodas an talamh fhàgail sleamhainn.