
Tha sgrùdadh ùr a' dearbhadh gu bheil bhìobhairean a' tighinn beò an cois Abhainn Tatha am meadhan baile Pheairt.
Seo a' chiad fhianais gu bheil iad air an dachaigh a dhèanamh ann am baile-mòr am Breatainn ann an ceudan de bhliadhnaichean.
Fhuaireadh comharran de na bìobhairean cuideachd air Eilean Mhoncreiffe agus air bruachan na h-aibhne ann an Innis a Tuath (North Inch).
Chuir sealgaireachd às do na beathaichean am Breatainn san 16mh Linn agus fèill mhòr ann airson a' bhèin, na feòla agus nam fàireagan fàilidh aca.

Chunnaic luchd-sgrùdaidh ann an canùthaichean bìobhairean agus na dàmaichean aca.
Chaidh na beathaichean ath-stèidheachadh an Alba ann an 2009 ach chan ann gun chonnspaid a bha sin.
Tha cuid den bheachd gu bheil iad a' dèanamh feum dhan àrainneachd ach tha dragh air cuid de dh'uachdarain mun chron a nì iad nuair a tha iad a' togail nam dàmaichean aca.
'S e an sgrùdadh a rinn Oilthigh Exeter as leth NatureScot a' chiad fhear a rinneadh on chaidh inbhe dìon a thoirt air bìobhairean an Alba sa Chèitean 2019.
Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh iad air a bhith a' fuireach air bruachan Abhainn Tatha ann am Peairt bho co-dhiù 2017, agus gun robh fianais às ùr ann gun robh àrdachadh air tighinn air na tha ann dhiubh.