Fhuair an treas cuid de dh'inbhich an sgìre NHS na Gàidhealtachd a' chiad dòs

  • Air fhoillseachadh
Snàthad le banachdach a' Choròna-bhìoraisTùs an deilbh, Getty Images

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil prògram na banachdaich aca a' dol gu math agus gun d' fhuair còrr agus 87,000 duine a' chiad dòs dhith suas gu toiseach na seachdain seo.

'S e sin 33% den t-sluagh nas sine na 18 air a' Ghàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal agus Bòd.

Tha còrr air 95% de dhaoine thairis air 80 agus 75 air a' bhanachdach fhaighinn, agus tha faisg air 85% den fheadhainn nas sine na 70 air a faighinn.

Tha an t-ùghdarras slàinte ag ràdh gun do thòisich iad air cuireadh a thoirt do dhaoine nas sine na 65 a' chiad dòs den bhanachdaich fhaighinn agus gu bheil iad an dòchas gum bi iad deiseil leis an sin ro dheireadh na mìos.

A rèir nan àireamhan as ùire, tha 37 cùisean ùra den Choròna-bhìoras ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd agus bhàsaich còignear eile leis a' ghalar - triùir air a' Ghàidhealtachd agus dithis an Earra-Ghàidheal agus Bòd.

Am beachd Àrd-Oifigear NHS na Gàidhealtachd, Pam Dudek, tha na figearan seo a' dearbhadh cho cudromach 's a tha prògram na banachdaich.

Thug i taic dhan a h-uile duine a tha an sàs ann eadar dotairean, luchd-obrach saor-thoileach agus criutha làraidh saillidh a chuidich ann a bhith a' lìbhreagadh na banachdaich nuair a bha sneachda mòr ann bho chionn ghoirid.