Bhìosa gus daoine a thàladh gu sgìrean-dùthchail?

Dh'innis buidheann comhairleachaidh do Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir bhìosa sònraichte a thoirt do dhaoine bho thall-thairis gus an tàladh gu sgìrean san dùthaich far a bheil crìonadh-sluaigh.

Tha iad ag ràdh gun dèanadh rud den t-seòrsa feum mhòr do dh'aitichean leithid nan Eileanan an Iar.

Ged a tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air a' bheachd seo, dh'innis Ceannard na Comhairle nach eil leithid de mholadh ach pàirt den fhuasgladh.

Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.