Còignear air bàsachadh le Covid-19 an sgìre NHS na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Chaidh bàs còigneir ann an aon là le Covid-19 a chlàradh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Bha an àireamh a nochd bho Riaghaltas na h-Alba Diardaoin co-ionnan ris an àireamh as àirde airson aon là anns an sgìre bho nochd an galar an toiseach.

Uile gu lèir, tha a-nise 151 bàsan co-cheangailte ri Covid-19 air a bhith ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd bho thòisich am pandemic.

Aig an dearbh àm, thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil sgaoilidhean den Choròna-bhìoras ann an trì dachaighean-cùraim ann an Siorrachd Rois seachad.

Chaochail 30 duine le Covid-19 ann an dachaighean Castle Gardens is Kintyre House ann an Inbhir Ghòrdain, is ann am Fodderty House faisg air Inbhir Pheofharain.

Smachd

Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil smachd aca a-nise air a' bhìoras anns na dachaighean.

Tha iad fhathast a' dèiligeadh ri sgaoilidhean den Choròna-bhìoras ann an dà dhachaigh-chùraim eile.

Chaidh 25 cùisean a dhearbhadh ann am Mull House ann am Barbaraville faisg air Inbhir Ghòrdain.

Tha 38 cùisean air a bhith ann aig dachaigh Meallmore Lodge ann an Deimhidh faisg air Inbhir Nis, far a bheil ceathrar air bàsachadh leis a' bhìoras.