Cùisean Leòdhais de Chovid-19 ceangailte

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad den bheachd gu bheil ceangal eadar gach cùis den Chòrona-bhìoras ann an Leòdhas.

Thuirt àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, gu bheil iad misneachail gun deach aca air ceangal a dhèanamh eadar an dà sgaoileadh san eilean.

Bha iad ron seo a' dèiligeadh ri cùisean a thòisich ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh is clustair eile ann an Leòdhas mar sgaoilidhean fa leth.

Dh'innis Mgr Jamieson cuideachd gun deach dà chùis ùr a chlàradh ann an Leòdhas Diardaoin.

Thuirt e gu bheil ceangal dachaigh aig an dà chùis seo le cùisean a bh' ann mar-thà.

Tha còrr is 70 cùis den bhìoras a-nise air an dearbhadh ann an Leòdhas.