
Thòisich iomairt feuch barrachd bhoireannach a bhrosnachadh a bhith ag obair ann an gnìomhachas nan tuathanasan-èisg.
'S iad a' bhuidheann Boireannaich ann an Àrach-Uisge na h-Alba a tha air sgeama a chur air bhonn is cothrom ann dha 50 boireannach.
Tha iad ag amas gu sònraichte orrasan a bhiodh airson tilleadh a dh'obair às dèidh clann a bhith aca.
Tron sgeama gheibh iad trèanadh agus stiùireadh airson a dhol an sàs sa ghnìomhachas.
"Sgilean is misneachd"
Bidh bùthan-obrach ann agus tachartasan cuideachd a bhios ag amas air boireannaich nach robh ag obair sa ghnìomhachas idir roimhe.
"Tha an gnìomhachas ann an suidheachadh làidir is tha farsaingeachd de chothroman ann do bhoireannaich ann an sgìrean dùthchail," thuirt co-chathraiche Boireannaich ann an Àrach-Uisge na h-Alba, Teresa Garzon.
"Leis a' phrògram ùr againn tha sinn ag amas air sgilean is misneachd a thoirt do bhoireannaich gus tilleadh a dh'obair, agus cuideachadh a thoirt dhaibh 'son dèiligeadh ri dùbhlain sam bith a dh'fhaodadh a bhith mun coinneimh," thuirt i.
Tha taic-airgid a' tighinn bho mhaoin a th' aig Riaghaltas na h-Alba gus boireannaich a tha air a bhith a-mach à obair ùine, is gu h-àraidh às dèidh pàiste a bhith aca, a chuideachadh air ais a dh'obair.