Aiseag an Tairbeirt dheth
Cha bhi seirbheis aiseisg a' ruith eadar an Tairbeart agus Ùig' an Eilein Sgitheanaich gu co-dhiù meadhan na h-ath-sheachdain.
Thuirt CalMac gun deach an MV Hebrides a ghluasad gus slighean riatanach a fhrithealadh.
Tha dùil gun tèid an MV Clansman na h-àite an ath-sheachdain.
Seo Anndra MacFhionghain.