Rabhaidhean sìde Buidhe agus Orains

  • Air fhoillseachadh
Rabhadh Gaoth

Tha Oifis na Sìde air rabhaidhean a thoirt seachad airson gaoithe agus uisge airson a' chuid as motha de dh'Alba.

Dh'fhaodadh gum bi dùil ri tuilltean ann an cuid de sgìrean.

Thuirt Oifis na Sìde gun robh dùil aca gun tuiteadh mu 120mm de dh'uisge thairis air 36 uairean a thìde ann an sgìrean de Pheairt, Sruighlea agus Dùn Phrìs agus Gall-Ghàidhealaibh.

Tha dùil gun tòisich uisge trom mu mheadhan-oidhche Dhiluain agus gum màir e ann an cuid de sgìrean fad an là Dimairt suas gu mu 6:00f. Diciadain.

Tha rabhadh buidhe ann airson gaoithe cuideachd, air feadh na h-Alba, le dùil ri oiteagan gaoithe suas ri 50msu.