Caley a' cluiche Alloa is Iain Robasdan air fòrladh

  • Air fhoillseachadh
Robertson & WilsonTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Robasdan & Barry Wilson

Tha Caley Thistle Inbhir Nis a' cluiche Alloa san Championship oidhche Mhàirt is am manaidsear aca Iain Robasdan air fòrladh sònraichte.

Dh' fhoillsich an cluba an-dè gu bheil Mgr Robasdan air fòrladh sònraichte agus bàs air a bhith san teaghlach aige.

Thuirt an cluba Gàidhealach gum biodh iad a' coimhead airson manaidsear eadar-àmail fhad's a bhios Robasdan dheth ach gum biodh na coidsichean Barry MAcUilleim agus Ryan Esson os cionn an sgioba a' chiad ghreis.

Nam buannaicheadh Caley Thistle oidhche Mhàirt, ghluaiseadh iad suas gu co-dhìu an siathamh àite bhon ochdamh àite san Championship.