
Tha buidheann coimhearsnachd ann an Gallaibh an dùil planaichean leasachaidh a thoirt air adhart às dèidh dhaibh coille ionadail a cheannach.
Ghabh Urras Coilltearachd Dhùnaid smachd air Coille Dhùnaid gu h-oifigeil Diardaoin.
Tha seo às dèidh dhaibh tighinn gu aonta le NàdarAlba.
Fhuair iad taic-airgid bho Stòras an Fhearainn gus a' choille a cheannach.
Bha an t-Urras air a bhith a' ruith na coille às leth NàdarAlba fad 18 bliadhna.
Dh'innis iad gu bheil grunn phròiseactan san amharc aca a-nise: nam measg pàirce cluiche do chloinn, goireas ùr parcaidh, is cothroman a bharrachd do dhaoine obair saor-thoileach a dhèanamh.
Cuirm
Tha 105 acair sa choille is tha i na pàirt de sgìre SSSI Machair Dhùnaid.
Thuirt cathraiche an Urrais, Anndra Wands, gun robh iad ag obair air a' phròiseict bho 2018 is gun robh còrr is 1,000 duine san sgìre air taic a chur ris na planaichean.
Dh'innis e gur ann às a' choimhearsnachd a thàinig na beachdan airson pròiseactan leasachaidh is thuirt e gum bi an t-Urras a' gluasad air adhart leis na planaichean sin cho luath 's a ghabhas.
Thuirt Mgr Wands cuideachd gum bi cuirm aca 'son comharrachadh ceannach na coille nuair a tha sin ceadaichte fo riaghailtean Covid-19.
Tha NàdarAlba cuideachd air fàilte a chur air an naidheachd.
"Leigidh seo le Urras Coilltearachd Dhùnaid togail air an obair ionmhalta a rinn iad anns na bliadhnaichean mu dheireadh is bidh cothrom aca planaichean ùra a thoirt air adhart", thuirt Eileen Stiùbhart bhon bhuidhinn.
"Chòrd e rinn a bhith ag obair còmhla riutha is a bhith a' faicinn mar a dh'fhàs iad. Tha fios againn gu bheil a' choille ann an làmhan gu math comasach is tha sinn air bhioran na leasachaidhean a nì an t-Urras fhaicinn", thuirt i.