Buaidh Chovid air Inbhir Pheofharain
'S iomadh gnìomhachas beag a chaidh fodha tro staing a' chorona-bhìorais agus an teachd-a-steach aig gu leòr de bhùithean, cafaidhean is eile air stad gu h-obann anns a bhliadhna a dh' fhalbh. An t-seachdain sa chaidh, thàinig fios bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil slighe a-mach à lockdown a-nis ri fhaicinn, ach gu bheil seachdainean doirbh fhathast romhainn. Anns a chiad pàirt de sreath a coimhead air buaidh an lockdown air ar bailtean - tha Anndra MacFhionghain air a bhith ann an Inbhir Pheofharain.