
Tha aon duine às ùr le Covid-19 sna h-Eileanan Siar.
San teachdaireachd làitheil aige air na meadhanan-sòisealta oidhche Luain, thuirt Àrd-Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gun robh a' chùis ùr ann an Leòdhas agus an neach a' fuireach le cuideigin a chaidh a dhearbhadh leis a' bhìoras mar-thà.
Thuirt e gum faigh daoine as motha a th' ann an cunnart bhon bhìoras eadar 16 agus 64 cuireadh a dh'aithghearr gus a' bhanachdach fhaighinn.