Covid a' cur maill air dùblachadh an A9

  • Air fhoillseachadh
A9

Dh'fhaodadh gum bi dàil air dùblachadh an A9 air sgàth Chovid, tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh.

Bha còir aige a bhith dùbailte air fad eadar Inbhir Nis is Peart ron bhliadhna 2025.

"Dh'fhaodadh gum bi dàil beag ann mus bi an obair dèante," thuirt Rùnaire na Còmhdhail Mìcheal MacMhathain.

"'S e a' bhuaidh a thug Covid air an obair-togail pàirt den adhbhar airson sin, ach bha buaidh aige cuideachd air cuid den obair-dealbhachaidh a dh'fheumar a thoirt air adhart.

"Thug e buaidh air cuid den obair-rannsachaidh talmhainn a dh'fheumar a dhèanamh ann am pròiseact mòr sam bith coltach ri seo.

"Tha e doirbh a ràdh aig an ìre seo dè dìreach a' bhuaidh a th' ann.

"Tha sinn a' dol air adhart cho luath 's a ghabhas, agus tha dùil againn leis na th' againn de chonaltradh ri gnìomhachas an togail, gum bi beachd nas fheàrr againn aig deireadh an t-Samhraidh a thaobh cuin a thig an obair gu crìch," thuirt e.

Bha am ministear a' bruidhinn an dèidh mar a chaidh a dhearbhadh gur e an ath-phàirt den rathad a thèid a dhùblachadh an t-earrann eadar Tom Aiteann agus a' Mhòigh, beagan deas air Inbhir Nis.