Rannsachadh mu chorp a' leantainn

  • Air fhoillseachadh
ÌomhaighTùs an deilbh, Police Scotland
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhoillsich na poilis an ìomhaigh mar phàirt de thagradh

Chaidh ìomhaigh a chur a-mach ann an oidhirp dearbhadh cò am boireannach a chaidh a lorg marbh air tràigh anns an Eilean Dubh.

Tha e air faileachadh air na poilis dearbhadh cò am boireannach bho chaidh an corp aice a lorg bho chionn mìos.

Chaidh corp a' bhoireannaich a lorg faisg air raon-goilf na Cananaich agus Ros Mhaircnidh air an 30mh dhen Fhaoilleach.

Chan eil na poilis amharasach mun chùis.

Chaidh a ràdh gun robh am boireannach geal, fut, agus eadar 25 is 35 bliadhna a dh'aois le falbh bàn-ruadh no donn.

Fiosrachadh

Tha na poilis air a bhith a' sireadh fiosrachaidh no dealbhan CCTV às a' Chananaich, Ros Mhaircnidh agus sgìre Inbhir Nis.

Thug na poilis taing do dhaoine a th' air fios a chur thuca chun seo.

Thuirt an Det Insp Craig Still nach eil fhios aca cò am boireannach fhathast ge-tà agus gu bheil iad an dòchas gun cuidich an ìomhaigh seo le bhith dearbhadh cò i.

Inbhir Nis

Tha beachd ann gur dòcha gun robh i ann an sgìre Inbhir Nis mus do bhàsaich i agus tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic i anns a' bhaile fios a chur thuca.

Tha Poileas Alba cuideachd air taic iarraidh air Ionad na Rìoghachd Aonaichte airson Daoine a tha a Dhìth agus Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir.