
Tha Comhairlean agus sgoiltean a' deisealachadh airson tòiseachdainn a' tilleadh ro làithean-saora na Càisge.
Coinnichidh Oifigearan Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar Diciadain gus ullachadh airson sgoilearan anns a' chiad trì bliadhna den àrd-sgoil a bhith a' tilleadh dhan sgoil nas tràithe na bha dùil.
Leanaidh measgachadh de dh'ionnsachadh san sgoil agus aig an taigh airson naoi làithean mus bi làithean-saora na Càisge ann.
Thàinig an naidheachd gu h-obann do sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail, nach robh an dùil gun tilleadh sgoilearan sna bliadhnaichean as ìsle den àrd-sgoil cho tràth.
"Thàinig seo oirnn mar chlach às an adhar gu ìre," a-rèir Stiùiriche an Fhoghlaim Uilleam Dòmhnallach.
"Tha mi a' smaointinn gur e measgachadh de dhaoine a bhith a' tilleadh agus cuid den chloinn a bhith a' fuireach aig an dachaigh gur e sin far am feum sinn beagan a bharrachd obrach a dhèanamh," thuirt e.
Thòisich litrichean a' dol gu pàrantan feasgar Dimàirt mu na planaichean, agus bidh oifigearan fòghlaim sna h-eileanan an iar a' coinneachadh Diciadain gus planaichean nas fhoirmeil a chur air dòigh.
Tha dùbhlain an cois a bhith ag ullachadh airson a leithid.
Astarachadh sòisealta
"'S e aon duilgheadas, astarachadh sòisealta air na busaichean, agus feumaidh sinn coimhead ri còmhdhail gu math dlùth," thuirt Mgr Dòmhnallach
"Tha mi creids gu feum sinn cuideachadh bho phàrantan a thaobh a bhith a' faighinn daoine dhan sgoil."
"Cuideachd sna sgoiltean, mar eisimpleir Sgoil MhicNeacail far a bheil thu a' sùileachdainn gum bi sia ceud anns a' chiad trì bliadhna, ciamar a tha thu a' dol a chumail sùil air astarachadh sòisealta eadar daoine òga," thuirt e.
"'S e naoi là a th'ann agus tha mi creidsinn gum bi sinn a' coimhead barrachd ri 's dòcha dìreach 'son am faighinn air ais dhan sgoil agus a' fàs eòlach air a chèile a-rithist agus 's dòcha nach bi uiread de chudrom agus uallach ga chur air luchd-teagaisg a thaobh teagaisg agus ionnsachadh airson naoi là."
"Tha mi smaoineachadh gu feum sinn faochadh a thoirt dhan luchd-teagaisg agus a ràdh nach urrainn dhaibh a h-uile dad a dhèanamh agus gum bi sinn tuigseach san t-suidheachadh gus am faigh sinn eòlas air an dòigh-obrach sin agus bidh a h-uile duine air ais againn às dèidh làithean-saora na Càisge.
Seo an ath ìre de dh'fhosgladh nan sgoiltean bho bhacaidhean a' Choròna-bhìorais, mar a chaidh ainmeachadh sa Phàrlamaid Dimàirt.
Tha Comhairlean eile cuideachd a' coinneachadh airson na planaichean aca fhèin a chur an sàs.
"Feumaidh àrd-sgoiltean a bhith sùbailte airson sgoilearan fhaighinn air ais do na togalaichean aca air 15mh am Màrt," thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd an Comh. Iain Fionnlasdan.
Thuirt an Comh. Fionnlasdan gun do chuir an naidheachd Dimàirt gun tilleadh sgoilearan ÀS1-3 ron Chàisg airson co-dhiù cuid de leasanan iongnadh orra.