
Cha bhi seirbheis bhusaichean ann an Leòdhas agus sna Hearadh fad na deireadh-sheachdain.
Tha seo air sàilleabh 's gu bheil aig an luchd-obrach ri fuireach nan dachannan agus riaghailtean deuchainn agus dìon a' Choròna-bhìorais a leantainn.
Chaidh trì cùisean ùra den Choròna-bhìoras a dhearbhadh le Bòrd Slàinte nan Eilean Siar Diardaoin.
Chaidh tè de na cùisean sin a cheangal ri cùis eile den bhìoras a chaidh a dhearbhadh Diciadain - cùis a dh'fhàg gun deach Bun-sgoil Steòrnabhaigh a dhùnadh Diardaoin agus Dihaoine.
Deuchainn is Dìon
Chan eil Bòrd Slàinte nan Eilean siar air ceangal a lorg eadar na cùisean sin agus an sgapadh ann an Leòdhas thairis air na seachdainean a dh'fhalbh.
Ach, mar thoradh air proiseas Deuchainn is Dìon, chuir Comhairle nan Eilean Siar agus Lochs Motors Transport fios a-mach oidhche Ardaoin gum biodh buaidh mhòr aige sin air seirbheisean bhusaichean Dihaoine.
'S e glè bheag de sheirbheisean a bha a' ruith Dihaoine agus tha an t-ùghdarras ionadail air dearbhadh nach bi gin de sheirbheisean ann an Leòdhas agus sna Hearadh a' ruith thairis air an deireadh-sheachdain.
Thug iad rabhadh cuideachd gum faodadh na trioblaidean seo leantainn agus buaidh a thoirt air seirbheisean aig toiseach na h-ath-sheachdain.
Tha dùil gun toir seo droch bhuaidh air seirbheis bhusaichean do na sgoiltean agus tha a' chomhairle a' moladh do phàrantan dòighean siubhail eile a lorg neo ma tha trioblaidean aig pàrantan sam bith thathar a' moladh fios a chuir chun na comhairle.