
Tha mu 80 neach gan cumail fhèin fa leth agus sgapadh às ùr den choròna-bhìoras ann an Leòdhas agus na Hearadh.
Thuirt àrd-oifigear Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar, Gordon Jamieson, oidhche Shathairne gun robh dearbhadh aca air 4 cùisean ùra de Chovid-19.
Tha 16 cùis uile gu lèir san sgapadh às ùire san sgìre a-nise a th' air buaidh a thoirt air seirbheis nam busaichean.
Dh' fhoillsich Comhairle nan Eilear Siar clàr-ama eadar-amail, taobh a-muigh airson an 8mh-12mh den Mhàrt.
Chaidh Bun-sgoil Steòrnabhaigh a dhùnadh Diardaoin agus Dihaoine ri linn an sgapaidh sa cuideachd.
Banachdach
Fhuair cha mhòr 1000 neach banachdach a' choròna-bhìorais anns an sgìre thar na beagan làithean mu dheireadh.
Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad a-nise a' toirt cuireadh dhaibhsan nas sine na 55 a' bhanachdach fhaighinn.