Còmhraidhean èiginn mu Leaghadair a' Ghearasdain

  • Air fhoillseachadh
Leaghadair

Tha dùil ri còmhraidhean èiginn Dimàirt eadar na h-aonaidhean is am fear leis a bheil Leaghadair a' Ghearasdain agus a' bhuidheann as motha a tha a' cumail taic-airgid ris air a dhol ann an rianachd.

Thàinig e am bàrr Diluain gun robh am banca Greensill Capital air a dhol ann an rianachd.

'S iad as motha a bha a' cumail taic-airgid ris an fhear-ghnothaich Sanjeev Gupta.

Tha Leaghadair a' Ghearasdain am measg sreath de làraichean aig companaidhean Mhaighstir Gupta air feadh na Rìoghachd Aonaichte ann an gnìomhachasan na stàilinn is aluminium.

Tha an naidheachd mu Greensill Capital a-nise a' fàgail ceist mu choinneamh nan làrach agus na mìltean de chosnaidhean air feadh na dùthcha.

Bha dùil co-dhiù aig na h-aonaidhean ri còmhraidhean Dimàirt ri Sanjeev Gupta.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' sireadh soillearachaidh air dè dìreach an suidheachadh a th' ann.

Leaghadair a' Ghearasdain
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Leaghadair a' Ghearasdain an aon fhactaraidh aluminium a th' air fhàgail anns an Rìoghachd Aonaichte.

Cheannaich GFG Alliance, companaidh Mhgr Gupta, an làrach airson £330m ann an 2016.

Bha iad air a chur romhpa cuibhlichean alloy a dhèanamh.

Ach, air sgàth an dà chuid suidheachadh a' choròna-bhìorais agus buaidh Bhrexit air cùisean, dh'fhoillsich iad an-uiridh gun robh iad air tionndadh a-nis gu bhith ag ath-chuairteachadh seann iarainn agus stàlainn.

Dìreach as t-Samhain 2020 bha dòchas ann gun rachadh suas ri 70 cosnadh a chruthachadh aig an leaghadair, agus gun rachadh £100m a chosg air leasachaidhean aig an làraich.