Covid sna Hearadh: Fòram na Hearadh a' coinneachadh

  • Air fhoillseachadh
Covid

Às dèidh cùis dearbhte anns an Hearadh an t-seachdain seo bha coinneamh aig Fòram na Hearadh oidhche Mhairt gus beachdadh air an t-slighe air adhart.

Thuirt Coinneach MacLeòid bho Fhòram na Hearadh gum biodh cuideachadh ri fhaighinn.

"Nuair a thòiseach cùisean an-uiridh chuir sinn air chois buidheann a bha a' coinneachadh a h-uile seachdain a' dèanamh cinnteach gun robh a h-uile àite den eilean air a chuideachadh," thuirt e.

"Bhiodh daoine ag obair gu saor-thoileach a' toirt stuth thuca às na bùithtean airson daoine nach robh ag iarraidh fàgail an taighe cha leig iad a leas falbh.

"Tha sinn a' tòiseachadh sin air ais an t-seachdain-sa.

"Ged a tha a' bhanachdachd a' dol gu math anns na h-Eileanan an Iar feumaidh sinn fhathast a' leantainn an fiosrachaidh a tha an riaghaltas a' cur a-mach.

"Tha buidheann mhòr againn de dhaoine saor-thoileach a bhios deònach cuideachadh a dhèanamh air feadh na Hearadh," thuirt Mgr MacLeòid.

Cha deach cùisean ùra sam bith den Choròna-bhìoras a chlàradh anns na h-Eileanan an Iar Dimàirt.

Dh'innis NHS nan Eilean Siar oidhche Mhàirt cuideachd gu bheil prògram na banachdaich a' leantainn is dùil aca a leudachadh anns na làithean ri thighinn.