
Tha uàrd ann an ospadal an Rathaig Mhòr ann an Inbhir Nis dùinte fhathast, agus an Coròna-bhìoras ann.
Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gun deach dà chùis ùir den bhìoras a dhearbhadh ann an uàrd 2C.
Thuirt ceannardan na slàinte nach robh duine den fheadhainn leis a' bhìoras anns a' uàrd nan adhbhar dragh.
Chaidh an t-uàrd a dhùnadh do dh'euslaintich ùra is luchd-tadhail Disathairne.