
An A9
Tha Ministearan Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt dhan phròiseas 'son ceithir earrarnan eile den A9 a dhèanamh dubailte.
Thuirt an riaghaltas gur e clach-mhìle chudromach a tha seo 'son an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt a leasachadh.
Tha earrann 20 cilemeatair a dh'fhaide eadar Crùbainn Mhòr gu faisg air Druim an Uachdair am measg nan sgìrean a thèid a dhèanamh dùbailte.
Còmhla ri sin, thèid 6 cilemeatair eadar Coille Chnagaidh agus Baile Chloichridh, agus 8 cilemeatair faisg air Baile an Luig.
Tha luchd-poileataigs bho na pàrtaidhean dùbhlanach air ceistean a thogail an tèid aig an riaghaltas an gealltanas a thug iad seachad 'son an A9 air fad a dhèanamh dùbailte ro dheireadh 2025 a choileanadh.