Fiolm ùr Gàidhlig don òigridh

  • Air fhoillseachadh
PostairTùs an deilbh, Fèisean nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Postair

Thèid fiolm ùr Gàidhlig fhoillseachadh air na meadhanan sòisealta 'son daoine òga a bhrosnachadh faighinn a-mach air a' bhlàr a-muigh.

Tha am fiolm 'Cuairt Bheag' stèidhichte air an spòrs agus an tleachd a tha ri fhaighinn do chloinn nuair a tha iad a' cluiche a-muigh.

Chaidh a sgrìobhadh agus a stiùireadh le Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid.

Agus tha a' bhuidheann air am fiolm a sgaoileadh mar-thà am measg chròileagan agus bun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha.

Anns an fhiolm, bidh an caractar Hùb Hàb, air a chluich le Ceitidh NicPhàrlain, a' lorg bocsa draoidheil air an stairsneach aice agus a' dol air chuairt.

Ceitidh NicPhàrlainTùs an deilbh, Fèisean nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ceitidh NicPhàrlain a' cluich prìomh charactar an fhiolm Hùb Hàb

Òrain ùra

Agus chaidh trì òrain ùra a sgrìobhadh mu a bhith a' gabhail cuairt bheag anns na sgìrean faisg air dachannan na cloinne.

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil - an t-seirbheis foghlaim aig Fèisean nan Gàidheal - gun d'rinn Ceitidh agus am fear-ciùil Pablo Lafuente obair mhìorbhaileach.

"Còrdaidh am fiolm ris a h-uile duine, anns an sgoil neo aig an taigh còmhla ris an teaghlach.

"Bidh faclan nan òran rim faighinn air an làraich-lìn againn 'son a sgaoileadh am measg òigridh agus an tidsearan, feadhainn eile sa chlas aca agus le teaghlaichean anns a h-uile àite," thuirt i.

Thèid am fiolm a sruthadh air làraich Facebook Fèisean nan Gàidheal, taobh a-muigh Disathairne 13mh Am Màrt.