Bliadhna bhon a chaidh a' chiad bhàs Chovid-19 a chlàradh an Alba

Bidh bliadhna ann Disathairne bhon a chaidh a' chiad bhàs co-cheangailte ri Covid-19 a chlàradh ann an Alba.

Thairis air na 12 mìosan a dh'fhalbh tha an galar air atharrachadh airson a bhith nas gabhaltaiche.

Ach tha luchd-saidheans cuideachd air mòran ionnsachadh mun bhìoras, agus tha dòchas ann gum bi an t-adhartas a rinn sinn a thaobh a bhith a' cruthachadh bhanachdaichean na bhuannachd mhòr sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Seo Doneil Macleoid.